
======================================================================
LibreOffice 5.0 ReadMe
======================================================================


Airson an tionndadh as ùire dhen fhaidhle readme, thoir sùil air http://www.libreoffice.org/welcome/readme.html

Tha fiosrachadh cudromach san fhaidhle seo mun bhathar-bhog LibreOffice. Mholamaid dhut am fiosrachadh seo a leughadh gu cùramach mus tòisich thu air an stàladh.

'S e coimhearsnachd LibreOffice a tha an urra ri leasachadh a' bhathar seo agus tha iad a' cur fàilte ort pàirt a ghabhail sa choimhearsnachd seo. Mas e cleachdaiche ùr a tha annad, 's urrainn dhut tadhal air làrach LibreOffice far am faigh thu torr fiosrachaidh mu phròiseact LibreOffice agus na coimhearsnachdan 'na lùib. Tadhail air http://www.libreoffice.org/.

A bheil LibreOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine gu dearbh?
----------------------------------------------------------------------

Tha LibreOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine. Tha cead agad an lethbhreac seo de LibreOffice a stàladh airson uiread a choimpiutairean a thogras tu agus a chum rud sam bith a thogras tu (a' gabhail a-steach cleachdadh malairteach, riaghaltais, rianachd phoblach agus oideachais). Thoir sùil air teacsa a' cheadachais a fhuair thu an cois LibreOffice airson barrachd fiosrachaidh.

Carson a tha LibreOffice saor an-asgaidh airson a h-uile duine?
----------------------------------------------------------------------

Tha an lethbhreac seo de LibreOffice saor an-asgaidh dhut a chionn 's gun d' fhuair e taic dealbhaidh, deuchainnidh, eadar-theangachaidh, clàraidh, airgid is margaideachd o iomadh duine agus luchd-urrais corporra - a chuidich leinn air iomadh dòigh eile cuideachd - gus LibreOffice a thoirt gu buil agus 's e am bathar-bog le còd saor airson na dachaigh 's na h-oifis a tha air thoiseach air càch a tha ann an-diugh.

Ma tha thu a' cur luach 'nan saothair agus ma tha thu airson dèanamh cinnteach gum bi LibreOffice ri fhaighinn san àm ri teachd, nach beachdaich thu air taic a chur ris a' phròiseact - thoir sùil air http://www.documentfoundation.org/contribution/ airson barrachd fiosrachaidh. 'S urrainn dhan a h-uile duine rud beag a chur ris an t-saothair.

----------------------------------------------------------------------
Nòtaichean stàlaidh
----------------------------------------------------------------------

Feumaidh LibreOffice tionndadh ùr de Java Runtime Environment (JRE) mus obraich e gu ceart. Chan eil JRE 'na phàirt dhen phacaid stàlaidh airson LibreOffice agus bidh agad ri stàladh leis fhèin.

Comasan an t-siostaim air a bheil feum
----------------------------------------------------------------------

Molar dhut, a ghnàth, gun stàlaich thu LibreOffice a-rèir na thathar a' moladh airson an sgaoileadh Linux agad-sa (can Aonad Bathar-bog Ubuntu mas e Ubuntu a tha agad). Molar seo a chionn 's gur e seo an dòigh as fhearr gus stàladh fhaighinn a tha ro fhreagarrach airson an t-siostaim agad. Gu dearbh fhèin, tha seans gun deach LibreOffice a stàladh mu thràth nuair a stàlaich thu Linux roimhe.

Tha an stàlaichear "leis fhèin" seo airson LibreOffice ann air eagal 's gum bi feum aig cleachdaiche air taisbeanadh a dhèanamh, gum bi feumalachd shònraichte aca no suidheachadh sònraichte eile.

* Linux Kernel tionndadh 2.6.18 no nas ùire;
* glibc2 tionndadh 2.5 no nas ùire;
* freetype 2.2.0 no tionndadh nas ùire;
* gtk tionndadh 2.10.4 no nas ùire;
* Gnome 2.16 no nas ùire le gail 1.9 agus pacaidean at-spi 1.7 (air a bheil feum airson teicneolasan taiceil) no GUI co-chòrdail eile (mar KDE).

Tha iomadh sgaoileadh de Linux ann agus faodaidh gu bheil stàlaidhean eadar-dhealaichte ri fhaighinn on dearbh-reiceadair Linux (can KDE is Gnome is mar sin air adhart). Thig cuid dhe na sgaoilidhean seo leis an tionndadh LibreOffice aca fhèin agus faodaidh gum bi feartan eile aca seach na gheibhear san tionndadh de LibreOffice a rinn a' choimhearsnachd. 'S urrainn dhut tionndadh na coimhearsnachd de LibreOffice a stàladh ri taobh tionndadh eile mar sin mar is trice. Ge-tà, 's mathaid gum b' fheairrde dhut an tionndadh eile a thoirt air falbh mus stàlaich thu tionndadh na coimhearsnachd seo. Thoir sùil air na goireasan taice a fhuair thu leis an stàladh de Linux agad gus faighinn a-mach mar a nì thu sin.

Molar gun dèan thu lethbhreac-glèidhidh dhen t-siostam is dhen dàta agad mus doir thu air falbh no mus stàlaich thu bathar-bog.

Dèan cinnteach gu bheil cuimhne shaor gu leòr agad sa phasgan sealach agad agus gu bheil cead leughaidh, sgrìobhaidh is ruith ann mar bu chòir. Dùin gach prògram eile mus tòisich thu air an stàladh.

Stàladh LibreOffice air siostaman Linux stèidhichte air Debian/Ubuntu
----------------------------------------------------------------------

Airson stiùireadh air stàladh pacaid cànain (as dèidh dhut an tionndadh Beurla de LibreOffice a stàladh), leugh an earrann gu h-ìosal air a bheil "A' stàladh pacaid cànain".

Nuair a neo-phacas tu tasg-lann a fhuair thu on lìon, chì thu gun deach an t-susbaint ann a dhì-dhùmhlachadh ann am fo-phasgan. Fosgail uinneag ann am manaidsear nam faidhlichean agus thoir leum dhan phasgan a tha a' tòiseachadh le "LibreOffice_", le àireamh an tionndaidh 'na dhèidh 's cuid a dh'fhiosrachadh mun ùrlar.

Tha fo-phasgan san eòlaire seo air a bheil "DEBS". Thoir leum dhan phasgan "DEBS".

Dèan briogadh deas sa phasgan 's tagh "Open in Terminal". Fosglaidh uinneag tèirmineil. Cuir an àithne a leanas san loidhne àithne san uinneag tèirmineil (thèid iarraidh ort am facal-faire Root agad a chur a-steach mus dèid an àithne a chur an gnìomh):

Stàlaichidh na h-àitheantan a leanas LibreOffice agus na pacaidean desktop integration ('s urrainn dhut lethbhreac a dhèanamh dhiubh 's an cur ann an sgrìn an tèirmineil seach an sgrìobhadh às ùr):

sudo dpkg -i *.deb

Tha an stàladh deiseil agus bu chòir dha na h-ìomhaigheagan aig LibreOffice a bhith sa chlàr-taice Applications/Office air an deasg agad.

Stàladh de LibreOffice air Fedora, openSUSE, Mandriva agus siostaman Linux eile le pacaidean RPM
----------------------------------------------------------------------

Airson stiùireadh air stàladh pacaid cànain (as dèidh dhut an tionndadh Beurla de LibreOffice a stàladh), leugh an earrann gu h-ìosal air a bheil "A' stàladh pacaid cànain".

Nuair a neo-phacas tu tasg-lann a fhuair thu on lìon, chì thu gun deach an t-susbaint ann a dhì-dhùmhlachadh ann am fo-phasgan. Fosgail uinneag ann am manaidsear nam faidhlichean agus thoir leum dhan phasgan a tha a' tòiseachadh le "LibreOffice_", le àireamh an tionndaidh 'na dhèidh 's cuid a dh'fhiosrachadh mun ùrlar.

Tha fo-phasgan san eòlaire seo air a bheil "RPMS". Thoir leum dhan phasgan "RPMS".

Dèan briogadh deas sa phasgan 's tagh "Open in Terminal". Fosglaidh uinneag tèirmineil. Cuir an àithne a leanas san loidhne àithne san uinneag tèirmineil (thèid iarraidh ort am facal-faire Root agad a chur a-steach mus dèid an àithne a chur an gnìomh):

Airson siostaman stèidhichte air Fedora: su -c 'yum install *.rpm'

Airson siostaman stèidhichte air Mandriva: sudo urpmi *.rpm

Airson siostaman eile stèidhichte air RPM (openSUSE is msaa.): rpm -Uvh *.rpm

Tha an stàladh deiseil agus bu chòir dha na h-ìomhaigheagan aig LibreOffice a bhith sa chlàr-taice Applications/Office air an deasg agad.

No 's urrainn dhut an sgriobt "install" a chleachdadh a tha ann am pasgan as àirde na tasg-lainn seo gus a stàladh mar chleachdaiche. Suidhichidh an sgriobt LibreOffice air dòigh 's gum bi a' phròifil fa leth aige airson an stàlaidh seo, fa leth on phròifil LibreOffice àbhaisteach agad. Thoir an aire nach stàlaich seo pìosan innteagrachadh an t-siostaim mar buill clàr-taice an deasga agus MIME Type Registrations.

Nòtaichean mun Desktop Integration air sgaoilidhean Linux nach deach a mhìneachadh gu h-àrd san treòir stàlaidh
----------------------------------------------------------------------

Chan eil dùil gum biodh e doirbh LibreOffice a stàladh air sgaoilidhean eile de Linux nach deach a mhìneachadh san treòir stàlaidh seo. 'S e an Desktop Integration an rud a tha dualach a bhith eadar-dhealaichte.

Tha pacaid air a bheil libreoffice5.0-freedesktop-menus-5.0.0.1-1.noarch.rpm (no libreoffice5.0-debian-menus_5.0.0.1-1_all.deb (no rudeigin mar sin) sa phasgan RPMS (no DEBS)  cuideachd. 'S e pacaid a tha ann airson gach sgaoileadh de Linux a bheir taic ris na molaidhean aig Freedesktop.org (http://en.wikipedia.org/wiki/Freedesktop.org) agus 's ann a chum stàlaidhean air sgaoilidhean eile de Linux nach deach a mhìneachadh gu h-àrd a tha e.

Mar a stàlaicheas tu pacaid cànain
----------------------------------------------------------------------

Luchdaich a-nuas a' phacaid cànain airson do chànain 's an ùrlair agad. Gheibh thu iad san dearbh àite a fhuair thu am prìomh thasg-lann stàlaidh. Fosgail am manaidsear fhaidhlichean Nautilus, dì-dhùmhlaich an tasg-lann a fhuair thu air an lìon do dh'eòlaire (an deasg agad, mar eisimpleir). Dèan cinnteach gun do dhùin thu gach aplacaid LibreOffice (a' gabhail a-steach an grad-thòisiche, ma tha e a' dol).

Thoir leum dhan phasgan far an do dhì-dhùmhlaich thu a' phacaid cànain a fhuair thu on lìon.

Thoir leum dhan phasgan a-nis a chaidh a chruthachadh nuair a dhì-dhùmhlaich thu e. Mar eisimpleir, airson na pacaid cànain Fraingis air siostam 32-bit stèidhichte air Debian/Ubuntu, bidh LibreOffice_ air a' phasgan, le fiosrachadh mun tionndadh agus Linux_x86_langpack-deb_fr.

Thoir leum dhan phasgan a-nis far a bheil na pacaidean a tha ri an stàladh. Air siostaman Debian/Ubuntu, 's e DEBS a bhios air a' phasgan. Air siostaman Fedora, openSUSE no Mandriva, 's e RPMS a bhios air a' phasgan.

Ann am manaidsear fhaidhlichean Nautilus, dèan briogadh deas sa phasgan 's tagh "Open in terminal". Fosglaidh uinneag tèirmineil. Cuir an àithne airson stàladh na pacaid cànain san loidhne àithne san uinneag tèirmineil (leis na h-àitheantan a chì thu gu h-ìosal; faodaidh gun dèid iarraidh ort am facal-faire Root agad a chur a-steach):

Airson siostaman stèidhichte air Debian/Ubuntu : sudo dpkg -i *.deb

Airson siostaman stèidhichte air Fedora: su -c 'yum install *.rpm'

Airson siostaman stèidhichte air Mandriva: sudo urpmi *.rpm

Airson siostaman eile a chleachdas RPM (openSUSE is msaa.): rpm -Uvh *.rpm

Tòisich aon dhe na h-aplacaidean aig LibreOffice an-dràsta, can Writer. Rach gu clàr-taice nan Innealan is tagh Roghainnean. Briog air na "Roghainnean cànain" ann am bogsa còmhradh nan roghainnean agus briog aig Cànain an uairsin. Teàrn liosta "Eadar-aghaidh a' chleachdaiche" agus tagh an cànan a stàlaich thu. Ma thogras tu, dèan an dearbh rud ann an "Roghainn an sgeama ionadail", "Airgeadra bunaiteach" agus na "Cànain bunaiteach airson sgrìobhainnean".

Briog air "Ceart ma-thà" as dèidh dhut na roghainnean seo a chur air gleus. Dùinidh bogsa a' chòmhraidh agus chì thu teachdaireachd fiosrachaidh a dh'innseas dhut nach dèid na dh'atharraich thu a chur an sàs ach as dèidh dhut LibreOffice fhàgail agus a thòiseachadh a-rithist (cuimhnich gum bi agad an grad-thòisiche fhàgail cuideachd ma tha e a' dol).

Thèid LibreOffice a thòiseachadh sa chànan a stàlaich thu an-dràsta an ath-thuras.

----------------------------------------------------------------------
Duilgheadasan rè tòiseachadh a' phrògraim
----------------------------------------------------------------------

Ma bhios duilgheadas ann le tòiseachadh LibreOffice (m.e. reòthadh de dh'aplacaidean) no duilgheadasan le taisbeanadh na sgrìn, 's e draibhear na cairt ghrafaigeach a dh'adhbharaicheas gu tric. Ma thachras seo, ùraich draibhear na cairt ghrafaigeach agad no feuch an draibhear a fhuair thu leis an t-siostam obrachaidh agad. Ma bhios duilgheadas ann le sealltainn de dh'oibseactan 3D, gheibhear fuasgladh air seo gu tric le bhith a' cur à comas "Cleachd OpenGL" fo "Innealan- Roghainnean - LibreOffice - Sealladh - Sealladh 3D".

----------------------------------------------------------------------
Iuchraichean nan ath-ghoiridean
----------------------------------------------------------------------

Chan urrainn dhut iuchraichean ath-ghoiridean (sreathan sònraichte de dh'iuchraichean) a chleachdadh ann an LibreOffice ach an fheadhainn nach eil an siostam obrachaidh a' cleachdadh. Mur eil ath-ghoirid ann an LibreOffice ag obair mar a tha Cobhair LibreOffice ag innse dhut, thoir sùil ach a bheil e 'ga chleachdadh leis an t-siostam obrachaidh agad mu thràth. Air neo 's urrainn dhut cha mhòr gach ath-ghoirid ann an LibreOffice atharrachadh. Airson barrachd fiosrachaidh mun chuspair seo, leugh Cobhair LibreOffice no na sgrìobhainnean cobharach am broinn an t-siostaim obrachaidh agad.

----------------------------------------------------------------------
Glasadh fhaidhlichean
----------------------------------------------------------------------

Tha glasadh fhaidhlichean an comas a ghnàth ann an LibreOffice. Feumaidh an daemon glasaidh airson cliantan NFS a bhith gnìomhach air lìonra a chleachdas am pròtacal Network File System (NFS). Gus glasadh fhaidhlichean a chur à comas, deasaich an sgriobt soffice agus atharraich an loidhne "export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING" gu "# export SAL_ENABLE_FILE_LOCKING". Ma chuireas tu glasadh fhaidhlichean à comas, bidh cead sgrìobhaidh aig duine sam bith seach dìreach a' chiad duine a dh'fhosgail sgrìobhainn àraidh.

----------------------------------------------------------------------
Dèanadas grafaigeachd
----------------------------------------------------------------------

Fàbhairidh LibreOffice grafaigeachd shnasail seach astar a ghnàth. Ma tha na grafaigean agad slaodadh, feuch is rèitich seo 's tu a' cur dheth "Innealan - Roghainnean - LibreOffice - Sealladh - Cleachd Anti-aliasing".

----------------------------------------------------------------------
Nòtaichean cudromach mu sho-inntrigeachd
----------------------------------------------------------------------

Airson barrachd fiosrachaidh a thaobh feartan so-inntrigeachd ann an LibreOffice, thoir sùil air http://www.libreoffice.org/accessibility/

----------------------------------------------------------------------
Taic nan cleachdaichean
----------------------------------------------------------------------

Gheibh thu cuideachadh le iomadh rud ann an LibreOffice air http://www.libreoffice.org/support/. Faodaidh gu bheil freagairt ann dhut mu thràth - feuch fòram na coimhearsnachd aig http://www.documentfoundation.org/nabble/ no rùraich tasg-lannan na liosta puist 'users@libreoffice.org' aig http://www.libreoffice.org/lists/users/. Air neo, 's urrainn dhut ceist a chur oirnn aig users@libreoffice.org. Ma tha thu airson fo-sgrìobhadh dhan liosta (gus am faigh thu na freagairtean), cuir post-dealain bàn gu: users+subscribe@libreoffice.org.

Thoir sùil air earrann nan CÀBHA cuideachd aig http://www.libreoffice.org/faq/.

----------------------------------------------------------------------
Ag aithris air bugaichean ⁊ is duilgheadasan
----------------------------------------------------------------------

'S e BugZilla a chleachdas sinn an-dràsta fhèin airson bugaichean a chlàradh, a thracadh is fhuasgladh, air òstaireachd choibhneil air https://bugs.libreoffice.org/. Tha fàilte ron a h-uile duine bugaichean a chlàradh a thachras daoine orra air an ùrlar aca fhèin. Sin aon dhe na dòighean as cudromaiche air an urrainnear pàirt a ghabhail ann an leasachadh LibreOffice.

----------------------------------------------------------------------
Gabh pàirt ann
----------------------------------------------------------------------

B' fheairrde coimhearsnachd LibreOffice do com-pàirteachas gnìomhach ann an leasachadh a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte.

Mar chleachdaiche, tha thu 'nad bhall cudromach ann am pròiseas leasachaidh a' bhathar seo mu thràth agus bu toigh leinn brosnachadh a thoirt dhut fiù pàirt nas motha a ghabhail, gu h-àraid air an ùine fhada. Nach gabh thu pàirt ann 's tu a' toirt sùil air duilleag a' chom-pàirteachais aig http://www.libreoffice.org/contribution/

Toiseach tòiseachaidh
----------------------------------------------------------------------

'S e fo-sgrìobhadh do chuid dhe na liostaichean puist aon dhe na h-àitichean as fhearr airson toiseach tòiseachaidh. Cum sùil orra fad greis agus cleachd tasg-lannan a' phuist gus am fàs thu nas eòlaiche air an iomadh chuspair a dhèilig sinn ris on a chaidh còd LibreOffice a shaoradh san Dàmhair 2000. Nuair a bhios tu cofhurtail leis, cha leig thu leas an uairsin ach post-dealain a chur dhan liosta 's fàilte a chur air daoine agus bidh thu an teis-mheadhan na cùise an uairsin. Ma tha thu eòlach air pròiseactan còd fosgailte, thoir sùil air liostaichean nan rudan a tha ri dhèanamh ach a bheil dad ann as urrainn dhut cuideachadh leinn aig http://www.libreoffice.org/develop/.

Fo-sgrìobh
----------------------------------------------------------------------

Seo cuid dhe na liostaichean puist as urrainn dhut fo-sgrìobhadh thuca air http://www.libreoffice.org/contribution/

* Naidheachd: announce@documentfoundation.org *molar seo do chleachdaiche sam bith* (post beag)
* Prìomh-liosta an luchd-chleachdaidh: users@global.libreoffice.org *dòigh fhurasta gus sùil a chumail air na deasbadan (torr mòr puist)
* Am pròiseact margaideachd: marketing@global.libreoffice.org *seachad air an leasachadh fhèin* (a' fàs trang)
* Liosta choitcheann an luchd-dealbhaidh: libreoffice@lists.freedesktop.org (post mòr)

A' dol an sàs pròiseict no phròiseactan
----------------------------------------------------------------------

'S urrainn dhut taic mhòr a chumail ris a' phròiseict chudromach seo ann an saoghal bathar-bog le còd fosgailte, fiù mur eil ach beagan eòlais agad air dealbhadh bathar-bog no còdachadh. Seadh, thusa!

Tha sinn an dòchas gun gabh thu tlachd 'nad obair le LibreOffice 5.0 agus gum faic sinn thu air loidhne.

Coimhearsnachd LibreOffice

----------------------------------------------------------------------
Còd tùsail air cleachdadh/atharrachadh
----------------------------------------------------------------------

Cuid dhen chòir-lethbhreac 1998, 1999 James Clark. Portions Copyright 1996, 1998 Netscape Communications Corporation.